musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - MULLAICHEAN RUDHA STòIR - JAMES GRAHAM - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Mullaichean Rudha Stòir letra


Bu chaomh leam bhi siubhal
Bhi siubhal, sa siubhal
Bu chaomh leam bhi siubhal
Thar mullach Rudh' Stòir
Bu chaomh leam bhi ghluasad
Sa dearc mu na bruachan
Far na chleachd mi bhi cluaineis
Gun uallach no bròn

'S e bhi siubhal an aonaich
A' sireadh nam caorach
An obair bu chaomh leam
'S mi aotrom is òg
Ach 's ann tha mi nis aosmhor
'S chan urra 's chan fhaod mi
Ged is tric tha mo smaointean
Air aonach Rudh' Stòir

Air dhomh èirigh 's a' mhadainn
Gun chùram, gun chabhaig
'S de lite 's de bhainne
Gun gabhainn mo leòr
'S le mo chù aig mo chasan
Agus m'aghaidh ri beallach
Chan iarrainn bhi agam
Ach bat' bhi nam dhòrn

Chuirinn m'uchd ris gach bruthaich
Gu sunndach 's gu subhach
A' dol sìos gus a' Rudha
Troimh an Chlaismhor
Air neo suas Cnoc an Easain
Os cinn Clais an easaidh
Agus chithinn du deas dhiom
Gu ruig a' Bheinn Mhòr

Ach 's cianail mar thachair
Bho'n uair ud an Assainn
An sluagh dhòmh a b'aithne
Air feadh Rudh' a' Stòir
Tha chuid mhòr dhiubh san talamh
'S am beagan tha maireann
Tha iad crùbach, lag, lapach
Agus bacach gun treòir

Bu chaomh leam bhi siubhal
Bhi siubhal, sa siubhal
Bu chaomh leam bhi siubhal
Thar mullach Rudh' Stòir
Bu chaomh leam bhi ghluasad
Sa dearc mu na bruachan
Far na chleachd mi bhi cluaineis
Gun uallach no bròn

James Graham - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br